Scotland: National Rural Network’S e prògram de cheuman eacanomaigeach, àrainneachail is sòisealta luach £1.6 billean a th’ ann am Prògram Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba a tha a’ sùileachadh ceàrnaidhean dùthchail na h-Alba a leasachadh thar nan ath shia bliadhna. Faodaidh daoine is buidhnean fa leth taic a shireadh gus cuideachadh le cuimsean ro-innleachdail an Riaghaltais a lìbhrigeadh ann an ceàrnaidhean dùthchail na h-Alba.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach Phrògram Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba aig an Riaghaltas agus ar n-earrann Leasachadh Dùthchail.
Tha Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a’ cuimseachadh air ceàrnaidhean dùthchail Albannach nan iomadh cruth a cheangal ri chèile gus fàs eacanomaigeach is leasachadh coimhearsnachd a mhisneachadh.
’S ann aig teis-meadhan obrachadh Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a bhios an làrach-lìn seo, is sinne mar phàirt de cheithir lìonraidhean dùthchail ceangailte san RA.
Tha làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba maoinichte le Riaghaltas na h-Alba, le seirbheis eadar-lìn is taic bho Sopra Group agus an susbaint stiùirichte leis an Sgioba Dùthchail aig a’ Chomhairle Albannach airson Bhuidhnean Saor-thoileach.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu amasan na làraich tadhail air ar n-earrann Gairm is adhbhar.
Chaidh Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a chruthachadh le Riaghaltas na h-Alba mar uallach fo Riaghailtean Leasachaidh Dhùthchail an Aonaidh Eòrpaich, is e na phàirt de cheithir lìonraidhean ceangailte san RA agus de lìonra Eòrpach nas fharsainge.
Tha Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba ag amas air:
Tha trì eileamaidean ann de Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba:
Tha LEADER na phàirt de Phrògram Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba is e airson leasachadh eacamomaigeach is choimhearsnachdan a bhrosnachadh taobh a-staigh roinnean dùthchail. Tha e a’ dol an àite a’ phrògraim Leader+ a ruith eadar 2000 gu 2006, agus tha e a’ cur taic ri modhan ùr is probhail ann an leasachadh dùthchail. ’S e dòigh-obrach ‘bhon bhonn suas’ a th’ ann an LEADER ann a bhith a’ daingneachadh co-obrachadh air leasachadh dùthchail tro bhith a’ cur ro-innleachd leasachaidh dhùthchail an gnìomh. ’S ann air iomairtean nas lugha, a tha stiùirichte leis a’ choimhearsnachd, agus a tha ùr agus innleachdach a thathar ag amas an taic seo.
Chìthear fiosrachadh a bharrachd nar n-earrann LEADER. Bidh grunn eisimpleirean de dh’iomairtean LEADER cuideachd rim faighinn anns na h-earrannan stòr-dàta phròiseactan agus pròiseactan sònraichte. Agus gheibh thu an naidheachd as ùr mu leasachadh dùthchail nar n-earrainn Leasachadh Dùthchail.
’S e maoin fharpaiseach a th’ ann an Rural Priorities a chuireadh air chois gus sochairean eacanomaigeach, sòisealta is àrainneachail cuimsichte a liubhairt. Tha Rural Priorities na roinn de Phrògram Leasachaidh Dhùthchail na h-Alba. Lorgar tuilleadh fiosrachaidh air Rural Priorities agus seòlaidhean is àireamhan do Chomataidh Measadh Thagraidhean Roinneil nar n-earrainn Rural Priorities.
Gheibh thu an naidheachd as ùr mu mhaoineachadh leasachadh dùthchail nar n-earrann Leasachadh Dùthchail.
Tha e comasach an làrach a mhealtainn gun a bhith nad bhall ach airson na buannachdan as fharsaing fhaotainn feumaidh tu a bhith clàraichte. An uair ’s gu bheil thu clàraichte ’s urrainn dhut ar litrichean-naidheachd coiteanta is fiosrachail fhaighinn tro phost-d, còmhraidhean a thòiseachadh san fhòram, brathan fhàgail sa chlàr-shanais agus beachdan a dhèanamh air a h-uile alt a th’ againn. Clàraich an seo.
Le ar litrichean-naidheachd puist-d thèid an naidheachd as ùr bhon làraich gu dìreach chun an steach-bhogsa agad gach cealla-deug. Gus na litrichean-naidheachd fhaighinn chan fheum thu ach clàrachadh mar bhall de làrach Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba agus an roghainn a thaghadh airson ar litrichean-naidheachd fhaotainn.
Ma chaill thu iris dhen litir-naidheachd, na biodh dragh ort. Tha na h-irisean uile gu lèir nar tasglann Litrichean-naidheachd.
Tha làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a’ tabhann raon chothroman airson eòlas de dheagh chleachdadh, fiosrachadh is comhairle sam bith fhoillseachadh air feadh cheàrnaidhean dùthchail na h-Alba. Tha iomadach dòigh pàirt a ghabhail anns an làraich-lìn, bho bhith a’ sgrìobhadh oirre gu tric no fiù ’s a’ bhòtadh nar cunntasan-bheachd cumanta. Tha grunn eisimpleirean air mar as urrainn dhut a bhith an sàs ann san earrainn Gabh pàirt ann.
Bithear a’ dèanamh ro-bhreithneachadh air làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba, a’ fàgail gum bi brath no teachdaireachd sam bith air a dhearbhadh leis an deasaiche ro fhoillseachadh air an làraich. Thèid beachdan air altan, brathan san fhòram agus sa chlàr-shanais a bhreithneachadh cho luath ’s as urrainn às dèidh an cur a-steach, agus mar is trice an ceann 24 uairean a thìde.
Ma tha thu ag tuilleadh fhaighinn a-mach tadhail air Stiùireadh Choimhearsnachdan.
Nar mìosachan chìthear na tachartasan a tha a’ dol air adhart air feadh na dùthcha agus thairte, bho phrìomh cho-labhairtean gu tachartasan ann an coimhearsnachdan ionadail. Ma tha thu airson cur ri mìosachan nan tachartasan againn, lìon ar foirm air-loidhne no cuir thugainn am fiosrachadh a leanas gu editor@ruralgateway.org.uk:
Nar stòr-dàta phròiseactan chìthear iomairtean dùthchail bho air feadh na h-Alba, mòran dhiubh nam pròiseactan LEADER. Tha sinn ag amas air stòr-dàta cho farsaing ’s a ghabhas a bith againn, ach bheir e ùine agus do chuid cuideachaidh airson a thogail.
Mura h-eil am pròiseact agadsa nar stòr-dàta phròiseactan faodaidh tu am fiosrachadh a chur gu editor@ruralgateway.org.uk agus thèid a chur ann. Feumar am mion-fhiosrachadh a leanas:
’S e pàirt dheatamach de làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a th’ ann an sgrìobhadh an luchd-chleachdaidh agus tha sinn ro thoilichte na h-altan agad fhaighinn. Faodaidh tu alt a dhèanamh fiù ’s aon uair a-mhàin air co-labhairt aig an robh thu, cunntas sònraichte a dhèanamh air cùis dhùthchail, pàirt a ghabhail ann am fear dhe na feartan cumanta againn, a bhith an sàs nar n-earrainn ‘pròiseactan sònraichte’ no a bhith nad sgrìobhadair cunbhalach agus colbh a thòiseachadh.
Ma tha ùidh agad ann a bhith a’ gabhail pàirt nar feartan cumanta no a bhith nad sgrìobhadair cunbhalach cuir fios chun an deasaiche aig editor@ruralgateway.org.uk no air am fòn 01463 251 733. Ma tha thu air alt no cunntas sònraichte a sgrìobhadh don làraich tha cothrom agad a chur oirre le bhith a' cleachdadh ar foirm air-loidhne. Thèid na h-altan a gheibh sinn a chur an àird an ceann 24 uairean a thìde às dèidh a bhith air am breithneachadh.
Join the Network Now!