Scotland: National Rural NetworkTha Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a’ cuimseachadh air ceàrnaidhean dùthchail Albannach nan iomadh cruth a cheangal ri chèile gus fàs eacanomaigeach is leasachadh coimhearsnachd a mhisneachadh.
Bidh e a’ solarachadh naidheachd, fiosrachadh agus chothroman conalatraidh is coinneachaidh don a h-uile neach a tha a’ fuireach ’s ag obair air an dùthaich an Alba, a bharrachd air lìonra a dhèanamh ri coimhearsnachdan coltach sa chòrr dhen RA, san Roinn Eòrpa agus nas fhaide air falbh. Le bhith a’ cur ghoireasan conaltraidh eadar-obrachail gu feum, tha e na chuimse taic a thoirt ri beachdachadh eadar luchd-gnìomha is luchd-ùidh leasachaidh dhùthchail air cùisean coitcheann agus eisimpleirean de deagh chleachdadh.
Tha an làrach-sa a’ toirt cobhair air faighinn a-mach mu chothroman maoineachaidh airson taghaidh fharsaing de dh’iomairtean dùthchail. Bidh e a’ sanasachadh thachartasan an Alba agus air feadh na RA is na Roinn Eòrpa a chuireas taic ri seasmhachd agus fàs eacanomaigeach, agus bidh e a’ sgaoileadh fiosrachadh mu shàr phròiseactan sòisealta, eacanomaigeach is àrainneachail.
’S ann aig teis-meadhan obrachadh Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a bhios an làrach-lìn seo, is sinne mar phàirt de cheithir lìonraidhean dùthchail ceangailte san RA.
Join the Network Now!