Dòighean Eile air Pàirt a Ghabhail

Tha caochladh dhòighean ann compàirt a ghabhail ann an làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba. Ma tha ceist agad no nam b' fheàrr leat susbaint a chur tro phost-d - cuir fios chun an deasaiche aig editor@ruralgateway.org.uk.

Gabh san iomairt!

Ma chlàraicheas tu mar bhall bidh e an uair sin comasach dhut brath a ghabhail air na th' ann de chothroman air an làraich airson ceangal ri daoine agus fiosrachadh a sgaoileadh. Faodaidh tu ar cuairt-litir fhaotainn gach ceala-deug a bharrachd air deasbadan a thòiseachadh nar fòraim agus beachd fhàgail air alt sam bith. Clàraich an seo.

Cuir thugainn alt

Tha sinn ag iarraidh d' altan agus do chunntasan sònraichte air raon farsaing de chùisean dùthchail. Thèid agad air d' altan a chur thugainn le foirm air-loidhne. Ma tha dealbhan agad rin cleachdadh san alt, cuir gu editor@ruralgateway.org.uk iad. Agus ma tha thu airson a bhith nad sgrìobhadair cunbhalach leig fios chun an deasaiche.

Beachdaich air cùisean dùthchail

Sgaoil na th' agad de bheachdan is de dh'eòlas air grunn chùisean dùthchail le bhith a' togail do ghuth nar fòram chòmhraidh, a' fàgail bheachdan air altan, a' freagairt ceistean shuirbhidhean agus a' bhòtadh sna cunntasan-bheachd.

Innis mu dheagh chleachdadh

Ma tha do choimhearsnachd, pròiseact no iomairt air rudeigin adhartach brosnachail a thoirt gu buil carson nach innis thu mu dheidhinn? Dh'fhaodadh do chuid eòlais misneachd a thoirt do chàch agus cobhair a dhèanamh orra ma tha iad a' coinneachadh ri dùbhlain. Tha sinn a' sireadh phròiseactan airson na h-earrainn Pròiseactan Sònraichte. Chan fheum thu ach sreath bheag de cheistean a fhreagairt agus dealbh no dhà a chur thugainn.

Thoir do naidheachd, sgrìobhainnean agus tachartasan do dh'Alba dhùthchail

Leig brath thugainn mu naideachd, sgrìobhainnean agus tachartasan bhon bhuidheann no sgìre agad. Gheibh thu air fiosrachadh mu thachartasan a chur chun na làraich le bhith a' cur feum air ar foirm air-loidhne airson tachartasan agus faodaidh tu altan, naidheachd is sgrìobhainnean a chur gu editor@ruralgateway.org.uk.

Fios thugainn

Tha sinn an-còmhnaidh toilichte do chuid bheachdan is mholaidhean a chluinntinn, mar sin nach bruidhinn thu rinn. Lorgaidh tu ar fiosrachadh greimeachaidh an seo.

Join the Network Now!

Register today - conference table

Twitter

  • Rhys Evans' latest Letter from Norway is a fantastic piece about equine tourism and his recent trip to the Faroes: http://t.co/bF0BhDea
  • RT @HIArts: This February HI-Arts will be organising a Crowdfunding Workshop & Networking Day at The Pier Arts Centre in Stromness http: ...
  • RT @south_team: RT @youngscot: Do you know an inspirational young Scot? You have until the 26th Feb to get your nomination in #ysawards ...

Follow us on Twitter icon and link

Facebook

  • Rhys Evans' latest Letter from Norway is a fantastic article on a transnational...
  • Congratulations to the winners of the Scottish Countryside Alliance Awards - rev...

Follow us on Twitter icon and link