Scotland: National Rural NetworkTha Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba a’ cuimseachadh air ceàrnaidhean dùthchail Albannach nan iomadh cruth a cheangal ri chèile gus fàs eacanomaigeach is leasachadh coimhearsnachd a mhisneachadh. ’S urrainn dhut do chuid eòlais is fèin-fhiosrachaidh agus beachd sam bith a th’ agad air caochladh chuspairean, a cho-roinn le càch tro bhith a’ fàgail bhrathan air an làraich.
Bithear a’ dèanamh ro-bhreithneachadh ann an làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba, a’ fàgail gum bi brath no teachdaireachd sam bith air a dhearbhadh leis an deasaiche ro fhoillseachadh air an làraich. Cha bhi an deasaiche a’ ceadachadh brath, no earrann brath, nach eil iomchaidh.
Thèid susbaint fhoillseachadh cho luath ’s as urrainn air dha bhith air a chur a-steach, agus mar is trice taobh a-staigh 24 uairean a thìde. Bidh altan a chaidh a chur thugainn air an cur air an làraich an ceann 24 uairean a thìde às dèidh ceadachaidh air neo, a thaobh nam feartan cumanta, bidh iad rim faicinn air-loidhne nas anmoiche gus clàr-ama nam feartan a leantainn.
Ma tha thu dhen bharail gu bheil gin dhen t-susbaint air an làraich mì-fhreagarrach ann an dòigh air choireigin nach innis thu dhuinn tro phost-d aig editor@ruralgateway.org.uk
Bidh an làrach co-roinn dhealbhan, www.flickr.com, ga cleachdadh gus na dealbhan a gheibh sinn a chur gu gailearaidh Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba.
’S e an seilbh inntleachdail agad fhèin a tha ann an susbaint sam bith a chuireas tu gu Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba.
Fad ’s a bhios tu a’ cleachdadh na làraich, dèan cinnteach:
Ma tha ceist agad mun stiùireadh seo, chan fheum thu ach bruidhinn ris an deasaiche air editor@ruralgateway.org.uk.
Tha làrach-lìn Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba maoinichte le Riaghaltas na h-Alba, le seirbheis eadar-lìn is taic bho Sopra Group agus an susbaint stiùirichte leis an Sgioba Dùthchail aig a’ Chomhairle Albannach airson Bhuidhnean Saor-thoileach.
Chan eil làrach Lìonra Dùthchail Nàiseanta na h-Alba an urra ri, no buailteach do, shusbaint a tha ri faotainn air làraich-lìn eile ris a bheil ceangalan aice.
Join the Network Now!